The Fort William Mountain Festival 2007

     

The Highland Mountain Culture Association Limited, PO Box 7035,
Fort William
PH33 6WR

   01397 700 001

Gaelic translation by Comunn na Gàidhlig

Gaelic translation by Comunn na Gàidhlig

 

HotScot webdesign sponsors the Fort William Mountain Film Festival 

Major Funders

Tiocaidean na Fčise - Festival Tickets

 

Ma tha feum agad air àite-fuirich aig an fhèis tadhal air duilleag àite-fuirich

white-water kayaker

Airson tiocaidean a ghleidheadh air fòn le cairt-creideis no airson tiocaidean a cheannach le seic, airgead no cairt-creideis thu fhèin cuir fios gu Ionad Neibheis, An Àird, An Gearasdan air 01397 700707 (faic am map gu h-ìosal).

 

Gheibhear air tiocaidean a ghleidheadh is a cheannach air-loidhne tro sheirbheis loidhne-eàrlasachaidh-d . Thoir sùil tron phrògram airson an tachartais a tha thu ag iarraidh agus brùth air a’ cheangal, "Book" ri thaobh. Gheibhear tiocaidean ro-phàighte bho oifis nan tiocaidean aig Ionad Neibheis air feasgar sam bith den fhèis bho 6f.

Gheibhear lasachadh airson buidhnean de 10 no barrachd.

Aire: ‘S ann dha daoine fo-aois 16 a-mhàin a tha lasachaidhean.

 

Poileasaidh iomlaid is ath-dhìolaidh

Cha ghabh tiocaidean iomlaideachadh, ath-dhìoladh no a chur air ais mura bi an tachartas air a chur dheth, air atharrachadh gu àm eile no an taisbeanadh no an àite-coinneachaidh air atharrachadh an dèidh an tiocaid a cheannach.

Ma thèid tachartas a chur dheth ri linn suidheachaidhean nach eil fo smachd nan eagraichean, cha tèid ach luach na tiocaid ath-dhìoladh. Feuchaidh na h-eagraichean ri fios a chur gun fheadhainn aig a bheil tiocaidean tro fòn, tro brath-d no ann an sgrìobhadh a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a fhuaras aig àm ceannachd. ‘S e dleastanas an neach-dèiligidh faighinn a-mach a bheil an tachartas a’ dol air adhart mar a chaidh a shanasachadh an toiseach. Chan urrainn dha na h-eagraichean gealltanas a thoirt mu atharrachaidhean ann an cinn-là, uair, àite no susbaint an tachartais.

Bithibh mothachail gu bheil am poileasaidh gu h-àrd co-cheangailte a-mhàin ri na prìomh thachartasan a bha gu bhith ann an Taigh-cluiche na Fèise Ionad Neibheis , An Gearasdan.

 

Taigh-cluiche na Fèise aig Ionad Neibheis.

‘S e An Ionad Nibheis am prìomh ionad againn airson filmichean is òraidean. Tha rùm ann an Taigh-cluiche na Fèise airson suas ri 500 neach agus tha filmichean is ìomhaighean air an tilgeil air scrion 20’ le sàr shiostam claisteach fuaim-chuairtichte.

 

Tha Taisbeanadh Ealain is Dealbhan na Fèise air fhoillseachadh ann an Ionad Neibheis, far am faodar ealain sònraichte is ìomhaighean dealbhach a mhealtainn a thuilleadh air cothrom bhòtadh airson an ealain as fheàrr leat. Fosglaidh an taisbeanadh uair a thìde ro gach  scrionadh ann an Taigh-cluiche na Fèise agus rè nan eadar-ùineachan. Bidh deochan gan toirt seachad ann am bàr làn cheadaichte is cafaidh ro is an dèidh fhilmichean is òraidean.

map of venues

The Nevis Partnership
Highland Park Fired Art Nevis Range Inchree Centre Paramo The Crannog Concept e-availability Ellis Brigham ABACUS Mountaineering The Granite House No Fuss Events The Nevis Partnership (Presenting Partner) EventScotland (Major Funder) HotScot Web Site Design The Outdoor Capital of the UK (Major Funder)